Cho Buidhe Is A Bha I Riamh

Tha an rathad a' ruith gu tuath
Gleanntan sgapte air gach taobh
A' ghrian tro ghiuthas nam mòr shliabh
Saighdean òir dhar leòn an àgh
Thuirt m'anam rium "Nach tèid thu null
Cuir eallach 's cruaidh-chĂ s air do chĂąl
'S gun cuir an t-Ă ite seallach fĂ ilte oirnn
Is bi mi còmhla riut an-dràst"

Sunndach a tha mi
Tron oighreachd bhòidheach, bhòidheach bhuan
Bha thu daonnan na mo smuain
Tro làithean ìseal 's bristeadh-cridh'
Tog orm mo chiall, tog orm mo bhith
Le cridhe aotrom, cridheil ciĂąin
A' liuthad cuan a ghiĂąlan do dhaoine
Is iad a' triall na slighe bhuat

'S ged tha an saoghal dol bun os cionn
Is astar bhliadhnachan tighinn oirnn
'S ged tha mo dhùil ag èirigh suas
Is iomadh sgĂąrr a bhios fo sgleo
Tha na siantan liath, 's na siantan blĂ th
Le blĂ ths cho diamhair is nach gabh e inns'
'S tha 'n lus tha fàs air croit Dhòmhnaill Bhain
Cho buidhe 'n-diugh 's a bha i riamh.


fuente : Songteksten.nl

idioma : Inglés